Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros

Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros
Автор книги: id книги: 787456     Оценка: 0.0     Голосов: 0     Отзывы, комментарии: 0 0 руб.     (0$) Читать книгу Скачать бесплатно Купить бумажную книгу Электронная книга Жанр: Зарубежная классика Правообладатель и/или издательство: Public Domain Дата добавления в каталог КнигаЛит: Скачать фрагмент в формате   fb2   fb2.zip Возрастное ограничение: 0+ Оглавление Отрывок из книги

Реклама. ООО «ЛитРес», ИНН: 7719571260.

Оглавление

Fraser Alexander. Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros

FACAL TOISEACHAIDH

SIR SEORAS ROS

Отрывок из книги

SAN t-seann aimsir b'abhaist do na Gaidheil caoidh mór a dhèanamh mu bhàs ceann-cinnidh, no neach eile air an robh mór spéis. B' e dleasanas a' phiobaire an coronach a thogail ri toirm na pioba; dleasanas a' bhàird cliù an laoich a chur air fonn nan dàn. B' i so an duais a b' àirde ris an robh dùil aig na flaithean Gaidhealach 's an t-saoghal so, maraon duais nam marbh agus misneachadh nam beo; oir cha robh àrd no iosal gun deidh air deagh bheachd a ghinealaich fein, agus air àite urramach fhaotainn ann an eachdraidh bhuan a dhuthcha.

Tha bàrdachd Oisein luchdaichte le trom thùrsa airson nam marbh gaisgeil a chuir deagh chomhraig 's a thuit 's a bhlàr: —

.....

Thog an Rosach fearann ann am Middlesex aig Naruinn, àite a bha air ainmeachadh air Inbhir-Naruinn anns a' Ghaidhealtachd. Thuinich comhlan math de mhuinntir Rois 's an aite so, daoine sùghail, còir, coguiseach, nach d'fhàg as an deidh air taobh thall a chuain, cràbhachd an athraichean. Anns an tìr so chum iad "gu daingean samhladh firinneach nam briathran fallain a chuala" iad 'n an oige, agus cho luath 's a b'urrainn daibh thog iad, ann am frìthean domhail Ontario, Béteil dhaibh fein, anns an robh teagasgan móra a' Bhiobuill air an cuir an céill gu soilleir, soisgeullach, a réir bheachd "Athraichean Rois," mar ann an leabhar an Doctair Cheannaidich, Urramaich, nach maireann. Bha ministearan tearc, oir bha 'n sluagh sgapta 'n am badanan beaga thall 'sa bhos thar mór astar, ach bha na daoine, mar a b' fhearr a b' urrainn daibh, "a' cumail am mach facail na beatha"; bha frasan o'n àirde ag ùrachadh an fhuinn, agus a'n deagh àm thainig toradh trom am mach.

Ach cha d' fhàg na daoine so an cruaidh-fhortan 's am bochdainn 'n an deidh 's a' Ghaidhealtachd. Bha eiginn agus uireasbhuidh a' feitheamh orra a' n so, agus b' iomadh strith a bh' aca ri dheanamh a chumail an cinn os cionn na h-an-shocair. Dh'fhàg iad fearann cumhang, sluaghmhor; thainig iad gu fearann farsuing, beag-shluaghach. 'S an t-sean aite bha 'n daimhich 's an càirdean fein aca. Ged bhitheadh an lòn air uairibh gann, gaoth an ear-thuath air uairibh greannach, cruaidh, bha'm fàrdach blàth le bàidh do chach a cheile. 'S an tir ùr bha lòn ri chosnadh le neart ghairdein agus spionnadh cridhe a thug cruaidh-dheuchainn air an neach a b'fhearr dhiubh. Cha d' thainig iad o an-shocair gu socair, ach gu duthaich, gealltanach mar bha i, a bha doirbh ri h-àiteachadh.

.....

Добавление нового отзыва

Комментарий Поле, отмеченное звёздочкой  — обязательно к заполнению

Отзывы и комментарии читателей

Нет рецензий. Будьте первым, кто напишет рецензию на книгу Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros
Подняться наверх