Читать книгу Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros - Fraser Alexander - Страница 1

FACAL TOISEACHAIDH

Оглавление

IS toigh le sluagh la-an-diugh a bhith leughadh eachdraidh-beatha dhaoine ainmeil: tha e iomchuidh gu'm bitheadh na Gaidheil cuimhneachail air diùlanaich an cinnidh fein, agus tha e 'na aobhar bròin cho beag 's a chaidh chur a'n clò mu Ghaidheil iomraiteach Chanada, am measg an robh daoine cliùiteach a choisinn moladh an co-dhuthchaich.

Bho thoiseach àiteachaidh Chanada bha na Gaidheil am follais. Bha iad ann an armailt Wolfe aig Louisburg agus aig Quebec far an do thionndaidh iad an latha. An deidh na sìthe fhuair iad obair eile ri dheanamh. Thog iad fearann, chaidh iad a stigh gu doimhneachd na coille a bhuinnig dhachaidhean dhaibh fein. Shoirbhich leo is dh' fhàs iad lionmhor: anns gach gairm is gniomh bha iad deas; leòsan shocraicheadh seol-riaghlaidh agus móran de laghanan bunabhasach na tìre. Bhitheadh e chum toil-inntinn an gineil – dh'fhaoidte chum an leas – na 'm bitheadh iomradh orra air a ghleidheadh leinne.

'S i 'n smuain so a mhàin ceann-fàth an sgeoil ghoirid so mu Ghaidheal Chanadach nach d'rinn dearmad riamh air Tìr nam Beann.

Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros

Подняться наверх